Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/61

From Wikisource
This page has been proofread.
45
BEUD IS BACADH

Tobar-mór Thólainn, airson na thainig de dh’easlainnte riamh ’nan caraibh. B’e sin, co-dhiùbh, beus an tagraidh.

Is iongantach mar a thig nithean bho uchd an dàin. Ach is ro-iongantach cho beag ’sa tha na h-aobhair, is cho suarach—ma thogras tu—na meadhoinean, a bheir an saoghal gu léir ann an cinnseal doilgheis. Na’n robh muinntir Eige,—ri linn mo sgeóil—air dithisd choigreach a stiùireadh, far an robh Lus nan Croibhseag a’ fàs, cha do dh’éirich mar a thachair do Dhomhnull Gheàrr-loch, no do dh’oidhearp nan Stiùbhartach ann an aimsir eile.

Tha gnè de dh’fhuath ann an sgiathail an fheallsanaich, nuair a bhios sgial air cuigeil. Ach ged a shìolaidh Iain Og an t-iomradh, le earail bu chòir a bhi’n lùib na h-eachdraidh so, ’s fheudar an cothrom a leigeil seachad.

Thòisich Domhnull ’s na bha leis ri siubhal Eilean Eige, gus an tainig iad air na bha dhìth orra. Ach mar nach robh fad-saoghail an dàn da, shleamhnaich a chas air bearradh Uamha Mhic ’ic Ailein, agus chaidh an t-eanachain as.

Na’n robh beatha no bàs Dhomhnuill-nan-luibhean a’ dleasadh an còrr iomraidh, rinn bial-aithris greim air. Ach cha deachaidh tarruing idir air a bheò, no ’mharbh, mur a b’e gu’n tug a bhràthair leis gu ruige Dun-éidionn, am pàisde-nìghne a bha e fhein is Ealasaid a’ togail.

Cha do dh’innis ’s cha’n ìnnseadh Ealasaid, dha’n dotair, co i bha e faotuinn. “Ma thachras e gu bràth,” ars’ ise, “gu’n tilgear a càradh oirre, faodaidh tu a