Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/71

From Wikisource
This page has been proofread.
55
RIOBA NAM BAN

Dh’fhalbh iad leis gu ceann-aghairt na ruigh-chasa, far an d’rinn iad còmhlan as leith mu bhòrd.

“Tha chuid is fheàrr aig an Albannach, fhearaibh,” thòisich e ’s e tionndadh gloine bha mu choinneamh, air a bial-foidhpe. “Am beil de sgil an Sasuinn na sheasas i fhein? Shaoileam nach robh dad aig Mead, no Radcliff ri fhoghlum—Fuirich! Fuirich! Tha thu ceart! Cha’n ann de’r linn a tha iad. Ach dé theireadh Iain Hugsham, is seann Uilleam Heberden, na’n cluinneadh iad gu’n a sheall an Dotair Mac Uaraig, a Dun-éidionn, ceanna-bhaile Albainn mhór a’ bheartais—Seadh! gu’n a sheall e ’n dorus dha’n triùir agaibh? Cha’n abair mi ìosal no àrd dha’m beil ’ur foghlum?”

“Thug a’ Bhan-righ cuireadh dha,” fhreagair fear diubh. “Is bidh a gnothuch mar a miann ’san rathad sin.”

“Na creid e, Astoir,” labhair a’ Moraire. “Cha do leig i ’n teanga riamh asaibh, bho na dhiùlt sibh gabhail ris an Ollamh Storc a Bhiena——”

“Tha mi’n dòchas,” chaisg am fear eile, “nach’eil t’eòlas oirnn a’ tagairt ar mi-rùin a-thaobh ar dleasanais do’n Bhan-righ?”

“An dubhairt mi smid a dhìteadh i?” fhreagair Godo air a shocair, “Oir tha mi cinnteach nach b’ann le deòin a sheall Dotair Dhun-éidinn an dorus dhuibh. Tha fios nach éirich dad dhith fo làmhan-san. Tha e [1]achdainneach; nach’eil? Dé theireadh Sidenham mór, na’n robh e beò an diugh? Seadh! Eh? Nach e ’n t-Albanach sgoinneil a dh’fhèach ribh! Eh? Seadh! An Ridire Fionnladh Mac Uaraig! Có chuireadh an

  1. clever