aghaidh an urraim is geal a choisinn e? Seadh! Eh? Nach math a thig an tiotal dha? Eh?”
Chunnaic e gu math gu’n robh a bhriathran a’ drùghadh air an triùir eile, mar fhìon bho lodar is druidheachd ann. Ghreimich farmad mu’n chich-shlugain iad; is thainig droch thogradh a-thaobh an Lighiche Mhìc Uaraig fainear dhaibh. ’Se so a bha dhìth air a’ Mhoraire. Oir bha sid air a shiubhal, a ghuidheadh caraid as an dàn, a sheachnadh air Mairearad, nighean Mhic Uaraig. Thainig e làidir ’na inntinn—na’n éireadh dad dha h-athair—nach biodh gnothuch gun chomaine, sùil a bhi làmh rithe. Bha e mion-eòlach, araon air a bòichead ’s a buadh-inntinn. Ach a dh’aindeoin gach brosgul a rinn e, cha do dhearg e, aona chuid, air a toil, no air a cridhe.
Na’n do dh’fhàg e cùisean mar so, is tàmailt ’ga thagairt; is math a dh’fhaoidte, nach leanadh casaid cho dian e. Ach cha’n ann mar sin a bha. B’aithne dha-san ’na b’fheàrr na sionnach air fhaiceall, dé dol-a-mach a’ Phrionnsa, is ruighe na buachaileachd a bha aige air nighean an lighiche Ghaidhealaich. Oir bha e fhein air a’ chois-cheum chiadna; ach leis an eadar-dealachadh so: cha do thaobh i riamh ris; ni momha na sin a thug i an fhianuis gu mealladh e eòlas oirre na bu dlùithe na cùirtear fuadain, is a chridhe ann am buigead a bhuairidh.
Cha robh a’ Moraire Godo idir mi-dhreachmhor. Na’n robh a ghluasad aréir a choltais, bha mura-bhith fad air seachran. Ach cha d’fhuair iadsan a bha stigh air, aon aobhar iomchoire, ma bha iad an eisimeil càir-