Jump to content

Page:An t-Ogha Mor - Aonghas Mac Dhonnachaidh.djvu/73

From Wikisource
This page has been proofread.
57
RIOBA NAM BAN

deis. Oir is minig a thug aircleach beannachd air, nuair a bhiodh slighe na h-éiginn ’ga shàrachadh.

Dh’aindeoin so uile, bha car ciotach ’sa’ mhoraire, na’n tigeadh dha ti’n cas air a nàmhaid. Dhiubh so, bhiodh esan a dheanadh dearmad air mu bhòrd nan cuach, no aig conaltradh nan leannan sùgrach.

Bha’m Prionnsa ’sa’ Moraire Godo cho àraid ri dà chluas laoigh. Chaith iad iomadach uair ann am mi-bhuil na h-oidhche; agus fo chabair nach cumadh snidhe, no fraighnidh bho [1]ghamhrachadh leacan-lagha nan àithntean.

Ach ma bha e stigh air a’ Phrionnsa, bha e ann an seadh a-mach air an rìgh, agus cha robh an leisgial ri shireadh. Oir bha ’n teaghlach rìoghail ag ithe ’s a’ clamhadh a’ chéile, le éud cho gamhlasach, ’s gu’n robh iad nan culaidh-mhagaidh do’n t-sluagh, a Dhòmhnach, a Luan, ’sa Shathurna. Thainig iad mu dheireadh a dh’ ionnsaidh na h-àirde, anns am faigheadh a’ mac toilleachadh ann am bàs a pharantan; is iadsan, mar an ciadna, ann am bàs am mic.

Bha’m Prionnsa cosgal—a’ caitheamh a chodach ’s a’ giorrachadh a shaoghail ann an garaidh-gìll nan glaimseir, nuair nach biodh e sàsuchadh a mhiann’ le òighean a thograidh. Dh’fhàg an dol-a-mach sin esan a-ghnàth an ainbhfhiach; agus ann an eisimeil na feadhnach ud, do’m b’aithne iosad a thoirt seachad air urras oighre crùn Bhreatainn. Airson na h-inbhe sin, cha robh an ùidh ’ga ruigheachd dé dh’éireadh dha. Bha e ag iteallaich mu’n cuairt, mar shùlaire gobach, is e gabhail cothrom-bualaidh air na thigeadh ri chàil ann an linne nan ìochdran.

  1. saluch