[ 192 ]
AN DROCH CONDRACHD
Gheibh saoidh a shàrachadh
—SEAN-FHACAL
Cha’n e mhàin gu’n tainig car an aimhleis air Raitean, ach rùnaich e friodhan na ceilge ’chur air bharr-gléis do dh’ Iain Ruairidh. Agus mar a ni earras an fhuadain mealladh moisein air cridhe lùbach, rinn Raitean dearmad obann air dàimh is dùthchasachd. Theagamh nach do mhothaich e miad na dò-bheairt anns na chuir e làmh cho easgaidh. Ach do-bhrìgh, nach tug Iain Pìobaire iomradh air a’ ghnè gaorra ’bha lionadh a’ bhalgain-snàmha aige, cha’n fheàrr e n’an crom-ruaige bhi bagairt cinn-seanachais da thaobh.
Mur a’ bheil tobhadh leisgeil air a’ mhodh sin ’ga t’ iomairt, ni thu mire ri aoir mo sgeòil fhaotuinn air rian stiùire gun dàil.
Thug am fear a chuir iomall air sgrìobhadh, an cunntas gu’n a bhrath Raitean far an robh Iain Ruairidh ri còmhail a chumail ri ’sgioba. Ach na’n gabhta siubhal sunndach mar urras air cogais aon-fhillt, bhiodh fàth dìtidh air an taobh-leis de Raitean. Oir bha esan,—mar a thugadh tarruing air an àit’ eil,—a’ tilleadh bho Phort Mór Lusaidh far an d’fhàg e saighdearan Ghlinn-eilge, is iad a’ cur dolaidh ìnnleachd do dh’ Iain Ruairidh air bonn.
Gun fhios nach bidh thu talach air deilbh mo [ 193 ]bhriathrachais, tairgeam ùrachadh soillse dha do mheomhair. Oir is math a dh’fhaoidte gu’n a lasaich dlùth mo sgeòil lé cur an innich.
Tha cuimhn’ agad dé bu cheann-turuis do Mhairearad Nic Uaraig nuair a thaghail i air an Ridire Tholmach. Thug thu an aire cuideachd mar a thug i am balachan-rathaid—Raitean—fo dhruidheachd a toile; mar a chuir esan as do ’teachdaire-coise fhéin anns a’ Mhòintich Mhóir; ach gu sonruicht, mar a chuir i mar fhiachaibh air, lorg a dheanamh air bàta nan saighdear aig Lusaidh, far na lìbhrig e litrichean-rùin d’an ceannard.
Cha robh am fear-airm sin gun bharantas air na dh’ earbadh ris. Bha e ri prìosanach a dheanamh de dh’ Iain Ruairidh air an oidhch’ ud. Co-dhiùbh, rinn Mairearad an gniomh sin a chur air a mhanadh. Agus cha robh beag meachainn ri ’bhuaireadh ciamar a bheireadh e gnothuch gu ìre.
Bha fiamh is faiceall a-measg nam fineachan Gaidhealach ’san àm. Agus a dh’ aindeoin comhairleachadh Fhir Chul-odair, bha teachdairean nan Stiùbhartach a sìor bhuinnig. B’e sid an t-aobhar a chuir Mairearad Nic Uaraig air turus cho cudthromach. Theireadh Iain Pìobaire airson sin—is cha b’ann air luimead a bheachd a bhitheadh e—gur h-ann a bha i fo rùn-falaich air los Iain Ruairidh. Agus ma dheònaich i rioba chur mu chasan, có do’m b’ fheàrr do’n tigeadh loinn a chur air teanachdas, na nighean Mhic Coinnich, Eilean Donnain? Oir thug dàn is tubaiste nithibh mu’n cuairt, air an dearbh oidhch’ ud, a dh’ fhoillsich sealbh a h-àraich ’sa daoine dhith na’n do ghabh i cothrom air.
[ 194 ]
II
Mar a bhrist a’ naigheachd bho lùib bial-aithris, dh’ fhàg Mairearad Tigh Mór Laobhrais fada mun a dhùisg duine bha stigh as an ciad-chadal; is chuir i, le cuideachadh rathaid bho’n Ridire fhein, srian air each a dh’ionnsaidh Aird an t-Strath’. Oir chual i gu’n robh Alain Camaran—tosgaire teuma nan Stiùbhartach—a’ gabhail aoidheachd an tigh Mhic Ionghuinn.
“B’ fheàrr lium nach d’fhàg thu Laobhras air a’ cheann so de’n oidhche,” labhair an Ridire, nuair a bha iad a’ teannadh ris an t-Sìthean.
Thionndaidh Mairearad sùil ghrad ’na rathad mun a dh’ fhoighnichd i dé bha cur dragh’ air.
“Dh’ìnnse na fìrinn,” fhreagair e, “cha robh agam riamh mu fhalbh na h-oidhche air an astar so.”
“Ciamar sin?” dh’ fheòraich i, mar gu’n tigeadh athadh oirre.
“Tomhais dé an t-ainm tha air an àite so!” thuirt e le guth fo anail.
“Cha’n urrainn domh,” thìll Mairearad gu h-ealamh “Ach cha chuireadh e annas orm,” lean i oirre le gàire cho cridheil ’s gu’n a dhùisg e Mac Talla bho leaba nan creag,—“ged a thigeamaid air bothag nam bana-bhuidseach, is caiginn chat aca ’gan ròsladh air earbuill ri slabhraidh. Tha e uaigneach gu leòr airson ana-cneasdachd ’sam bith. Ach dé their thu ris?”
“An Sealbh ’ga d’ ghleidheadh!” fhreagair an Ridire. “Bidh sinn an ceartair aig bealach an t-Sìthein. Agus gun fhios nach gabh thu eagal, tha e cho math dhomh do chur ’na t’fhaireachadh gu’ bheil iad a’ [ 195 ] faicinn rud mu’n cheàrna so bho chionn ghoirid. Ach tha mi ’n dòchas gu’ seachainn e sinne.”
“Cha’n e sin domhs’ e,” leasaich Mairearad ann am beadradh còmhraidh. “Feumaidh mi tòiseachadh ri iadach riut.”
“Dé nis’ is ciall dhut?” chaisg an Ridire ’s e gléusadh a chridhe ri sodal nam facal.
“Dé,” arsa Mairearad ’s a h-aigne ann an glac na h-aimlisg, “ach gu’ bheil eagal ort gu’m faigh do shuiridhe chlaon a-mach thu.”
“Cha’n ’eil mi———”
“Nise,” chùm Mairearad roimhpe, “tha thu làn ceasaid. Cuiridh mi geall gu’ bheil leannan-sìthe agad; is tha thu airson a cumail am falach orm.”
Chuir an Ridire seòl air a tagradh àicheadh cho sgiobalta ’s a leigeadh a beurradaireachd sin da. Fhuair iad seachad air an t-Sìthein gun fhorbhas sam bith. Ach air dhaibh tighinn mu leith-chiad slat do dh’ eaglais Chille-chrò, thòisich an dà each ri ’n cluasan a thogaíl ’s a mhaoladh: ianraigean nach robh gun bheag cùraim do’n Ridire Tholmach. Oir bha gléus air a mheomhair gu’n robh an dà shealladh aig each. Co-dhiùbh thig an togradh sin ri mànran an dearbhaidh no nach tig, cha chuir gogadh nan ceann iomall air. Ach thig àm is àit’ air uairean anns an gabh an inntinn ceum-seòdail. Is buinidh e do dh’ àrach na cogais ciamar a thig an dùsgadh ri ar càil.
B’ ann air a’ mhodh sin a dh’ éirich an smuaint air an Ridire ’thug e le sitheadh nan deich-bliadhna-fichead air ais. Bha ’m fuar-fhallas a bha bhristeadh air a [ 196 ] bhathais a’ deanamh fianuis nach robh aigne sùgrach.
Leanamaid car tamuil, an rùn a thug Iain Pìobaire mar leisgial air na dh’ aithriseadh mu thimchioll, is gheibh sinn earras ar naigheachd. Ach cha’n ann buileach ’san dòigh sin a thachair an tinnsgeadal, no a chaidh inntinn an Ridrie Tholmaich air turrag na h-òige ’dh’ionnsaidh aonaichean fàs Ghlinn Shuardail. Thainig iomadach nì a-stigh air—thainig agus caochladh bheachd anns an tig béud ri iomradh.
Deich-bliadhna-fichead. Is mór an ùine sin ri amharc air ais. Ach is goirid e, ann an da-rìribh, ma tha cogais fo shréin aig achmhasan. An e sin a dh’ ùraich am beachd ann am broilleach an Ridire? Oir an ann a-chionn ’s gu’n robh cuimhneachain éigneach air gach laimh ’ga dhìteadh, a bha shùil ag iarraidh bho reilig nam marbh ri thaobh,—far an d’ fhuair òg-bhean do’m b’ aithne dha fois,—a dh’ ionnsaidh teallaich a h-àraich mun do dhrùigh sùgradh foill air a cridhe maoth?
Bhrist iomadh seòl-casaid air clàr-cùil na cuimhn’ aige; ach cha robh nì idir a thug fàsgadh air a’ chridhe bh’ ann, mar a rinn càradh Oidhrig Ni’n Dòmhnuill. Deich-bliadhna-fichead! Gidheadh, bha cruth na tràtha sin mar thionndadh duilleig da inntinn; is lorg e cùis-bhrath air nach d’ rinn aog no astar sgaradh. Deich-bliadhna-fichead! B’ e sin an dearbh ùine bho’n a choinnich e ri bean-chagair a mheallaidh. Ach ma dhiùlt e leasachadh a dheanamh air eas-urraim a h-earbs’ ann, cha robh éirigh no ’laidhe gun mollachd bean-dìolain ’na chluais. Agus theireadh cuid nach b’ann [ 197 ]aon uair, no dà uair a thug i sàrachadh slighe dha. Oir ged a dh’ fhàg i fearann nam beò mu’m faca gineal a h-aomaidh an saoghal, bha iad air bhrath do’m b’aithne àbhaist a dol mu’n cuairt ’san spiorad. Chitheadh iadsan air an tuiteadh an t-anamoch i ’na guraban air bearradh os-cionn Ghlinn Shuardail, bréid air fiaradh mu ceann, is i turraman le truimead a h-àmhghair. Ach tha esan air nach d’ rinn ceann-seanachais iomrall, a’ toirt cunntais nach d’ rug an oidhche riamh air an Ridire Tholmach mu Chille-chrò gun bhoirionnach a bhi toirt tàire dha ann an caochladh riochd.
III
Ged a ghabh mi barr-ùine ’cur nam beachdan so air suim, thainig iad a dh’ ionnsaidh an Ridire cho grad ri lasair a adhar. Dlùth da làimh bha cheart ionad far na thàlaidh e Oidhrig le gealladh gaoil; agus am bothan beag anns an tug am bàs dhith faochadh bho eas-chliù a h-eiridinn. Ach am mollachd a ghuidh i air ùghdair a léiridh mun d’ fhàg i an saoghal, cha do leig a h-aon a chual e air di-chuimhn.
Ma chreidear iadsan do’m b’aithne beachd is beurrachd a chur an lùib bial-aithris, thainig buil air a mollachd fad lath’ agus linn. Oir cha b’e an Ridire Tolmach a-mhàin—ged a b’ esan an coireach—a chreanaich air tathaich an t-Sìthein. Ach bha ’n sgìre ’cur air a mhanadh gu’n deanadh i an gnothuch air uair no uaireigin. Is mar a bhios an uair a’ ruith gach duine, rug an dearbh smuaint air an Ridire, cia luath ’sa ghabh na h-eich a’ chiad chlisgeadh.
[ 198 ] Thainig an dà mharcaiche mu dheireadh suas ri clisneach a’ chladha—Mairearad Nic Uaraig cho sunndach, glic ri comhachag ’si faicinn taibhse: an Ridire agus truimead a bhàis a’ ciaradh mu aigne.
Thug e sùil ’san dol seachad. Ach ma thug, chunnaic e slaod mór, dubh, le uchd air balla chladha mu choinneamh, mar gu’m biodh e ’ga fheitheamh ’s ’ga chaithris.
“Dia ’s an eadraigin!” ghuidh e ’s e toirt sréine d’an each. Ach mun do thuig Mairearad gu’n robh nì as an rathad, chunnaic i an Ridire ’tuiteam an comhair a chinn.
Nise, bha ’n òigh ud aineolach air gnè geilte, no eagail. Ach nuair a mhothaich i aonaranachd nan sliabh mu’n cuairt dhith, thainig taiseachadh neònach air a cridhe. Gun teagamh bha gealach air boisgeadh ’san adhar. Ach cha robh sin ach a’ liadachadh uaigneas a’ ghlinne far an sìneadh an dubhar a chiasan.
Dh’ amais i airson sin air a tapadh. Oir ged a ghabh i athadh nuair a thuit an Ridire dheth ’n each, leum i gu grad far an robh e nise ’na laidhe, is e gun eang ri ghluasad aige. Bha de mhisneachd aice na chuir a làmh air a chuisle.
Ge b’e dé chunnaic e, no dh’ aobhraich a chrioch, bha’ ’n Ridire Tolmach marbh.
Shaoileadh fear meachainn gu’n cuireadh suidheachadh de’n t-seòrs’ ud cùram air gaisgeach, gun tighinn air òigh nach do dhealaich fhathasd ri aghartas a dreacha. Ach cha do chuir e an tilleadh bu lugha ann am Mairearaid. Oir bha cudthrom a ceann-uidhe ’tagairt [ 199 ] dleasanais eile. Gidheadh, cha robh i cho coma ’s gu’m fàgadh i corp gun fhrithealadh, na’n gabhadh sin deanamh.
Thug i sùil ceithir thimchioll an geall air fios gu’m faiceadh i collas tighe ’s an astar. Is chunnaic, i thar-leatha, solus beag, mùgach gun a bhith ro fhad’ air falbh. Ann an tiotadh, thug i an t-srian a ceann an eich is rinn i déubhann da.
Air dhith gabhail aig an each, chuir i aghaidh air rathad an t-soluis. Is ged a chaidh i, ach gann as a cnàmhan ’ga iarraidh, thug i mach e air a’ cheann thall. Fhuair i bothan beag cheap mu ’coinneamh, is cliabh le taosg mòine ’s an dorus.
Cha do dh’ fhuirich Mairearad ri fàilt no fiathachadh, ach an cliabh a thogail gu taobh is gabhail a-stigh. Tha e collach ge b’e có do’m buineadh an fhàrdach, nach robh an dà chabhag cadail orra. Oir bha cailleach mhór liath ’na seasamh air teis-meadhoin an ùrlair, mar gu’m biodh i ach air tilleadh bho’n bhlàr-a-muigh.
“Có as a thug a bhana-choigreach a’ coiseachd?” dh’ fhoighnichd i de Mhairearaid ann an guth nach robh idir mi-chàirdeil.
“Cha’n e breithneachadh cheist a chuir an so mi,” fhreagair Mairearad gu h-ealamh. “Tha’n Ridire Tolmach ’na shìneadh ri taobh an rathaid gun deò ann. Seall as a dhéighinn. Oir tha agam-sa ri cumail romham do’n Aird.”
“Có thusa?” thuirt a’ chailleach gu grad. Oir cha do chòrd dol-a-mach na té eile rithe.
“Cha’n ann a’ tairgse droch fhreagairt a tha mi,” [ 200 ] labhair Mairearad. “Ach shaoilinn———”
“Coma lium dé shaoileadh tu!” chaisg a’ chailleach le gruaim ’si tilgeadh a bréid de ceann.
Sheas i eadar Mairearad ’san dorus mar gu’m biodh brocair a’ feitheamh cùirn.
“Coma lium-sa dé a shaoileas tu,” lean an t-seana bhean air aghart. “Ma thug do dhànadas thar an rathaid thu, cha chuir e cho soirbh air ais thu. Dé a chanas iad riut?”
Chunnaic Mairearad nach robh math no cron ann a h-ainm a chleith, is fhreagair i: “Mairearad Nic Uaraig.”
“Mairearad Nic Uaraig!” dh’ aithris a’ chailleach. “Thusa, nighean an Dotair Mhic Uaraig a bha’n Dun-éidionn?”
“A’ cheart té,” fhreagair Mairearad air bheag fios gu’n robh i ’san àm a labhairt ris a’ bhean-ghlùine a chuir-as do bhana-mhorair’ Eilean Donnain; agus mar sin da màthair.
Ach ’s aithne dhut an eachdraidh.
“Mairearad Nic Uaraig!” thuirt a’ chailleach a-rithisd agus a-rithisd. “Nighean——ach stad ort!” labhair i mar gu’n tigeadh rud ùr ’na h-inntinn. “A’ bheil fios agad có is daoine dhut?”
“Cha’n ann a shireadh eòlais air sloinneadh a dhubh mi ’ur fàrdach mu’n taca so ’dh’ oidhche,” fhreagar Mairearad.
“Na’m biodh fios agad có thu,” bhrunndail an t-seana-bhean, “cha b’e sin port a chluicheadh tu. Ach siubhad! Tog ort! Na’n d’ fhuair mac Fhir [ 201 ]Eilean Donnain fad-saoghail, thug mi sgial eile dhut. Leigidh mi mar sin cead t’aithis leat.”
Ghabh Mairearad amharus gu’n robh diomhaireachd fo’n ian aig a’ chaillich nach robh idir cneasda. Ach is beag a shaoil i gu’m buineadh a bhrìgh ri tùs a beatha fhein. Ma thainig treòir ’sam bith da ’rùn, ’s e gu’n robh an seann bhoirionnach ud air seilbh aobhar a ceann-uidhe, no ma-dh’ fhaoidte de ’n bharail gur h-i chuir crioch air an Ridire Tholmach.
IV
Dh’ ainmich Iain Pìobaire nach robh Mairearad idir duilich gu’n tainig bàs cho obann air an Ridire. Agus thug e am beachd mar an ciadna gu’m b’ urrainn a’ chailleach innse c’àit’ an robh i nuair a bha na marcaichean a’ dol seachad air eaglais Chille-chrò Oir cha do leig i riamh as a h-aire gu’m b’e foill an Ridire Tholmaich a chuir Oidhrig a h-ighean le cridhe briste do’n ùir.
Co-dhiùbh, dh’ fhàg Mairearad a’ chailleach ann am bun a’ chuirp. Ràinig i tigh Mhic Ionghuinn na h-Airde far ’na ghabhadh rithe le furan is briathrachas. Mun a thuit an oidhche rithisd air Glàmaig, bha i ’teannadh air Caisteal Dhun-bheagain.
Thng Iain Pìobaire an t-iomradh sin mar leisgial air na dh’ éirich do dh’ Iain Ruairidh. Tha e ri aithris cuideachd gu’n d’ rinn Mungan Tuathal a rathad do Dhun-bheagain air seòl eile. Oir b’ esan a’ mhàthair-aobhair a thog buillean na tuasaid eadar na Leòdaich agus Iain Ruairidh ’sa sgioba.
[ 202 ] Ged a tha’n earrann so rudaigin car mu sheach ’san deilbh, roghnaich mi cumail ri m’ oide. Theagamh gu’n ruitheadh an dlùth na b’ fhearr dhe’n iteachan na’n do chum mi fàireadh air Iain Ruairidh, bho’n a dh’ fhàg e Cnoc nan Curran gus na thuit e ann an làmhan saighdearan ruadha Ghlinn-eilge.
Air dha-san an t-amharus a ghabhail gu’n robh cuideigin air shiubhal d’am freagradh currachd a’ bhrathadair, rinn e, thar-leis, air a’ cheàrna bho’n cual e an fheadaireachd. Ach cha b’e Raitean an giadh air an tigeadh lugais a dhìdeireachd. Dh’ fhuirich e air a chois-cheum gus an tug Iain Ruairidh an aire dha. Agus, mar a bhios am fear sin air an dean braidean greim, thionndaidh e air a shàil a dh’ ionnsaidh Port Mór Lusaidh. Cha luaithe chunnaic Iain Ruairidh e toirt nam bonn as, na rinn e as a dhéighinn cho teann ’s a bh’ aige.
Ged a bha Iain aineolach air có bha e ruith, is math a b’ aithne do Raitean có roimhe bha e teicheadh. Ach fhuair an aimilisg, ach gu sonruicht, buadhan Mairearaid, a leithid de làmh-an-uachdar air, ionnas nach robh nì ’san amharc aige, ach Iain Ruairidh a chur far am moladh an òigh ud a thapachd fhein.
Cha deachaidh ìnnleachd an aghaidh a chuilg dha. Oir chum Iain an siar sin mar nach biodh earras air ceilg ’san t-saoghal. Rinn Raitean dìreach air far an d’ fhàg e na saighdearan ri port. Thug iadsan an aire dha a’ tighinn; is leum coig no sia dhiubh air tìr.
“Tha fear a tha dhìth oirbh ga mo ruith,” thuirt e fo anail; is, gun fuireach ri freagairt, lùb e tarsuinn [ 203 ]ìochdar Rudha Lusaidh far an d’ fhuair e àite-falaich.
Ach cha bu bheag riasladh an aithreachais a ghabh e, nuair a chunnaic e Iain Ruairidh ’ga thoirt air falbh na phrìosanach aig na saighdearan. Oir thainig rudaigin a-stigh air ’san àm gu’n a chuir Mairearad druidheachd air. Is ged a rinn e na rinn e chum ise thoileachadh, cha robh de chion-mothachaidh air na chuireadh a ghniomh an àite molaidh da chogais.
Dé dha sin do dh’ Iain Ruairidh, is e nise le éill mu chaoil-dùirn an ceangal? Cha b’ann, airson na cuid sin deth, gun a’ chaonnag chruaidh a leagadh a dhruim ri talamh. Mar a leanadh an sgial, rinn e an gnothuch air an fhoill a chuartaich e, mur a bitheadh gu’n a bhuail fear de na saighdearain buille de ràmh ’s a’ cheann air. Nuair a thainig e ga ionnsaidh fhein a-rithisd, bha e ’na shìneadh air ùrlar bàta, is spionnadh nan ràmh a’ toirt càir roimh ’cuinnein.
Tha facal na cainnt againn ag ràdh nach robh saoidh gun a shàrachadh. Ach tha facal eile ann a’ canail gu’n téid seòltachd thar spionnaidh. Chuir Iain an dithisd an eagaibh a’ chéile; is bha shaor-sa mar bhuil air a thapadh.
Nuair a bhios an com fallain agus an spiorad easgaidh gheibh ceatharnach oilean air furtachd. Ged a bha Iain fhathasd a’faireachadh a chinn cho trom ri cruaidh air ceann déile, thuig e gu math nach robh leòn ciùirte air a shiubhal. Thug e an aire cuideachd nach robh ach a làmhan a-mhàin an ceangal; is bha sin fhein cho las air gabhail aige, ’s gu’m faodadh e an sriucadh a greim nuair a thogradh e.
[ 204 ]Dh’ aindeoin a mhisneachd, bha làn fhios aige nach faigheadh e làmh an uachdar air sgiob’ a’ bhàta le tuasaid. Ach bu bhrod an t-snàmhaich e. Is na’n rachadh aige air a’ bhàta chur thairis, cha robh an teagamh bu lugha ann nach ruigeadh e cala. Smaointich e air an àsaig a thoirt aisde; ach bheireadh i cho fad air lìonadh ’s gu’m biodh an leasachadh gun dragh. Ach na’n amaiseadh e air déile ’spraigheadh, bha ’n gnothuch leis.
Thionndaidh e ’san gniomh so ’na rùn—gu socrach, fiataidh creid e—gus an d’ fhuair e ’chulaobh ri taicse. Chuir e chas eadar dà rang far an robh ceann-déile air a teòmadh, is, le aon spionnadh, sgiab e mana-bhòrd as a’ chéile. Bhrùchd an t-uisge stigh ’na mhìll; ach mun a sheall iad bhuapa. bha’m bàta gu bhi fodha.
Dh’ éirich an tubaiste so nuair a bhiodh iad mu choinneamh Phlàmarscaig. Is ged a bha iad na bu lugha na trì chiad slat bho thìr, chailleadh iad uile ach Iain Ruairidh.
Bha Iain Og dhe ’n bheachd nach b’ ann le bàthadh a chaidh iad a-dhìth. Thug e mar urras air a chreideamh, gu’n a rannsaich Raitean a-mach an sgioba bh’ aig Sgeir-na-h-Oitreach, nuair a chunnaic e Iain Ruairidh an greim aig na saighdearan. Is air dha an dearbhadh a chur ’nan cead, thug iad gu muir leis an sgoth chaoil. Bha Iain Og dhe’ n bharail cuideachd gu’n a bhuail bàta nan saighdear air an sgeir sin, ris an canair Bogha nan Sasunnach an diugh.
Fhuair fir Bhreacais is Iain Ruairidh a-mach a’ cheile co-dhiùbh. Agus air dhaibh leisgial a chur gu taobh, chluinnte iorram nan ràmh aca ’togail an astair a dh’ ionnsaidh dùthaich nan Leòdach.