Jump to content

An t-Ogha Mor/6

From Wikisource
173420An t-Ogha Mor — Earraig CheilidhAngus Robertson
[ 81 ]

EARRAIG CHEILLIDH

Am fear a ghleidheas a theanga, gleidhidh e charaid

—SEAN-FHACAL

Bu ghrianach geal, an latha chuir mi seachad le Iain Pìobair’ aig Tobar-a’-Staing. B’aotrom talach air cuisle ann an da-rìribh; oir bha’n inntinn òg, is glibheid na beatha fhathasd gun a h-asaid ann an cian an astair. Mo thruaighe! Cha’n’eil an uiridh ann, ni momha thig an dé gu bràth air ais. Tha grian air cearcall nan spéur mar a bha, is eireachdas nam beann, gun éis a’ seasamh, ged a shuaineas, air uairean, an ceò ’gam falach. Togaidh am fiadh a chabair le mórachd air còmhnard nan ìochdar—ionnan ri tùs ar n-eòlais, ’s e gun annas de thriall nam marbh. Cha tig bristeadh air luinneag eòin adhair; ’s cha chaill iad an gléus ann an dlùth nan crann.

Tha socharan an lath’ ud na’s ùire ’n diugh domh na bha iad an uair sin. Co-dhiùbh, tha bhuaidh ac’ air m’inntinn cho dealbhach, deas, ’s gu’ bheil gnàth na choinnich mo shùil r’a linn, ullamh gu ti’n thugam le ionndrain.

Chi mi fear, gun bhonaid, gun chòta, gabhail bealaich air caoraich na Beinne-bige; is fear eile stuigeadh chon mu Lón-’ic-Alasdair-Oig. Cluinnidh mi fead, is comhart mu seach, ag iarraidh nan aonach; agus beò Choire-nan-clach ann an sunnd ’gam freagairt.

[ 82 ]Is e lath’ an àidh a bh’ann. Ach tha mi dol thar mo sgeòil. Is cha mhi a h-aon. Oir thug Iain fhein, iomradh air móran nithibh nach robh cumail amul na naigheachd ro dhìreach. Mheasadh cuid an dòigh sin mar choire. Ach is ann a bha e ga mo chur-sa ’nam fhaireachadh air an trom-eòlas a bha aig air eachdraidh.

Rinn mise an t-aithris mar a thachair; ach cha cheadaich an sgial dha àite gu h-iomlain. Dh’fhaoidte gu’n leig mi leis a’ ghaoith, na bu chòir dhomh ghleidheadh bho’n fhasgnadh. Cha’n’eil seòl air a leasachadh. Oir na’n tug mi tarruing air na h-uile ceann-labhairt air ’na chuir Iain blas, cha’n e mhàin gu’n tréigeadh mo chuimhne; ach dh’fhàg e mi air cladach-leis cho fada, ’s nach tig an latha bheirinn beò mo chuspair os-cionn fuaraidh.

Leig mi seachad, air a’ mhodh sin, iomadach beum is tuiteamas air an d’rinn eachdraidh luaidh, ach a bhiodh gun mhealadh ann an aineol an tagraidh. Theagamh nach biodh mo thaghadh gun diomb do’m fhear-fiosrachaidh, na’n do thuig e saothair mo chriathraidh roi’-làimh. Ach ma bhios talach ’sa’ mhanadh, fàgam eadar a’ moisean ’san dàn e.

Tha facail anns a’ chànain againn a chuireas rath air leisgial, ma thig e dhut am foghlum fo smachd an t-seann-duine. Oir faodaidh deadh chliùchdair a bhi dh’easbhuidh alt cur lìn ri druim. Cha mhomha na sin bu chòir [1]leispreidh a dheanamh air sgial ann am beairt. Ach taitneach ’s gu’n robh bun gach ionnsaidh, bha liughad car ann an seòl-cainnt na naigheachd aig Iain ’s a tha’m biadh na faochaig.

[ 83 ]Cha’n’eil mi idir gun chuimhn’ air a’ ghròcadh a thug e orm, nuair a dh’iarr mi ceann-fìnid a chur air mar a dh’éirich do Mhairearad, nighean an Dotair Mhic Uaraig. Ach fhuair mi lium e air a’ cheann-thall. Is ged nach bu dheòin da thogradh e, chàraich e sùil m’inntinn ann an lùchairt Rìgh Seòras air ais.


II

“A bhobaig!” thionndaidh e gu cothromach, réidh mar gu’m biodh aigne dol air claoidh na h-aineoil, “nach iongantach gnè a chreutair ri dhùthchasachd. Tha sinne an so, is ar tlachd ann am bith nan gleann; torman àllt ’n an siubhal; tulgadh a’ chanaich le osaig; ceileireadh subhach na h-ealtainn; machair ann an gorm a sàtha; am fraoch fo bharr-guc ’san fhireach; glas a’ chrotail air stallaidh; am bradan a’ leum ri cuileig; glog a’ gheòidh air lochan-feòir; éilid le sgèan ri bruthach; géum bò-laoigh ’s i làmh ri h-àl; fonn banachaig a’ ti’n gu buailidh; srann an t-seillein air los mealaidh; is àileadh cùbhraidh na roide, nuair a bhrùchdas an t-iuchar le blàths. Ach that thusa bhobaig! ann an earail do dhìochail a’ foghlum bho luchd-àitichidh Bhabaloin.”

B’e so an t-ainm-tilgeannais a bha aige air bailtean-mór a ghonaidh.

Cha robh mi airson arabhaig ris; cha bhiodh stàth dhomh ann. Tha cuid—mar a ni Leódhasaich—a ghabhas ri taod, is béileag. Ach cha b’ann diùbh esan. Leig mi, mar sin, cead athais ’sa roghainn da.

Thòisich e le bhi caoidh mar a mhilleadh sgrìobhadh [ 84 ]an Ogha Mhóir air. “Oir tha leithid de chuilbheirtean aognaidh a-measg nan Gall ’s nan Sasunnach,” ars’ Iain, “’s nach bu chòir do dhuine, ’sa thoinisg aige, ti’n thairis orra gun a bhi ’na fhaiceall có chluinneadh e.”

Fhreagair mi gu’m biodh e cheart cho iomchuidh da, sgial rùin a chleith air na clachan, is ormsa.

Thuirt e rudaigin, nach b’ann de na h-eòin mi mur a biodh an gob orm. Is thuig mi bho sin gur h-ann cho teann ’s g’an cumainn mo theanga fo’m chùlaig, bu luaithe thigeadh cinneas air m’fhoighidinn.

Bha Iain an còmhnuidh fileannta. Ach thigeadh mughadh trom ’na ghuth, nuair a dhealaicheadh a chòmhradh ri ionadan eòlach a chuairt.

“Ciod i an fhéill,” dh’fheòraich e, mar gu’m biodh e gabhail cothrom ùird air bàirnich, “air an ceannaicheadh tu an toil-inntinn tha’n ceartair mu d’ choinneamh?”

“Cha’n’eil mi cur teagaimh ann,” dh’aontaich mi. “Ach nach beag ar còir le chéile, araon air saorsa nan àllt, no air siubhal monaidh? Cha b’ann idir air ar soinne chruthaich Dia an talamh ’sa thoradh——”

“Nach ann, a bhobaig?” thionndaidh e cas orm. “’Se bhi ’g altrum beachdan goireasach de’n t-seòrsa sin, a tha cur-as do dhuinealas an t-saoghail. Innis dhomh-sa c’àite bheil guth-nàdair ann an adhar, uisge, no’n teine, a’ comharrachadh an talaimh ’na imirean, airson peirclich de dh’uachdrain?”

B’e so mo chothrom air a thoirt gu clais-iùil a naigheachd; is fhreagair mi car grad, gur a dòcha gu’m b’e sin a chuir Fear-Scalpaidh, ’san t-Ogha Mór do [ 85 ]Lunnainn. “Tha e coltach,” lean mi orm, “nach do chuir e dad a-stigh ri h-aon seach aon diubh?”

“Tha thu ceart, a bhobaig!” thuirt e le gàire beag, fanaid; “ach cha mhise thuirt riut e. Thainig mar is aithne dhuinn, beò an Ogha Mhóir air ais gun teagamh, ged a dh’éirich gu h-olc do’n fhear a bha e ’na chois.”

Fhuair mi nis e air slighe mo bhreithneachaidh. Ach thug mi ’n aire gu’n robh ’na rùn, mar a chaidh do dh’ àmhuiltean duachnaidh a’ Phrionnsa Frederic, a leigeil seachad. Cha b’e so a bha dhìth orm. Is thuirt mi gu’m b’ iongantach a’ Bhan-righ a bhi marbh, goirid an déigh a turuis do thigh a’ Mhoraire Godo?

“C’arson a chuireadh sin annas ort?” labhair e, mar gu’m biodh e gabhail mì-chin de’m fhaoineis. “Sasunnaich!” Ha! Dé ’dh’earbadh tu riutha? Cha’n’eil de cheol-gàir’ aca-san, ach a bhi murtadh ’sa’ clamhadh a’ chéile. Cha mhomha orra sid beatha duine thoirt air falbh na bhi buain phuinneag. Coimhead air an fhear mhosach dhiubh aig an robh sealg a’ Chaoil.”

Bha fios agam có air a bha e tighinn; ach dh’fhoighnichd mi dé bhathas a’ cur as a leith.

“Am madadh!” thuirt Iain. “Ged nach biodh ann ach an dìol a rinn e fhein, ’sa spaidseirean air bràthar-do-mhàthar ’s gun e ach ’na bhalachan. Rug iad air mu’n Fhéith-sheilich latha, is e as déighinn dìonaig a theich bho’n fhang gun a rùsgadh. Bha feum aca-san far an robh iad, neo cha tug an casan fhein riamh do’n dachaidh iad. Na bogalain ghealtach; ’s iad bu chollaiche ri bru-dheargain le luirgnean feadaig a [ 86 ]chunna mise. Ach dé dha sin? Ithidh iad feòl gus an ruig an corragan oirre. Ugh! Ithidh, is easgannan caola nan dìgeannan. Ol! Ma gheibh iad am bial ri goc cha’n’eil de thùr aca na leigeas as e gun chuideachadh. Ach ma bhios tu air ceann-coise, ’s gu’n tachair coigreach ort is glug ’na bhroinn: ’se Sasunnach a h-ann.”

Fhreagair mi gu’n gabhainn beachd air. “Ach,” arsa mise, “ciamar a dh’éirich do bhràthair-mo-mhàthar?”

“Ciamar?” dh’aithlis Iain. “Ach gu’n a dh’ [2]fhuaircne, is bhog iad an glumag na Feith-seilich e, gus a-mór nach do bhàth iad am balachan. Na tachairean bhusach, b’e sin iadsan! Ach thug do sheanair blad fola do dh’fhear dhiubh bho’n uair sin, is e dol troimh’n arbhar aige as déigh geàrra. Mhiap Iain Mac Dhomhnuill fear eile dhiubh os-cionn a’ Choire-chòmhnaird; is có nach cuala mu na fìdeagan a thug Iain Mac Eachainn air triùir aca, ’s iad a’ toirt mi-mhodh da, is e buain boitean tubhaidh an Gleann-na-béiste?”

“’S cinnteach Iain nach’eil na Sasunnaich uile gu h-olc. Bidh iad mar a tha buntàta nan coimhearsnach—math is dona.”

“Tha, laochain! Thuirt thu na bh’air; cha mhillear math ri olc dhiubh. Dìreach, mar a tha buntàta nan coimhearsnach,” ’s e deanamh lasgan gaire—“cuid dhiubh grod is lóbhta, agus a’ chuid eile gun bhruich.”

“’S fheudar gur h-ann mar sin a fhuair Mac Fhir-Scalpaidh iad cuideachd,” dh’aontaich mi ann an rathad brosguil.

[ 87 ]“Fear-Scalpaidh!” chaisg e gu gobach. “Ma tha thu airson gu’n toir neach eile feairt ort.”

Rinn m’aideachadh greim air. Oir bha mi cheana ’san teasgasg nach robh dad a chanainn, a bheireadh mughadh air a bharail-san, ge b’e an ràmh air am bitheadh e.

Eadar a h-uile toinneamh is lùbadh a bha air a sheanachas, dh’fhiosraich mi bhuaidhe mar a chaidh do dh’Fhear-Scalpaidh air a’ cheann-thall.

“An tug thu riamh fainear,” ars’ Iain, “nach gabh cleasan Sasunnach a chur air blas ann an Gàidhlig? Cha tug, a bhobaig! Nise, gabh beachd air a so. Mur a téid, ach gann, aig teanga nan Gaidheal air dealbh ceart e chur air gnè de dh’gharraich Shasunnach, ciamar, an comhair an Fhreasdail! a dh’éireas gu math do thograidhean ar dùthcha, is biorsamaid Ghall ’gan tomhas? Ach chi am fear a bhios beò an Gaidheal ’sa chànain air seilbh an còrach fhathasd. Sin agadsa rud ris an abradh an t-Ileach, fàisneas.”

“Tha cuid de Ghoill dàicheil gu leòr,” thuirt mi mar [3]dhorra-mheaghudh.

“Cha mhór nach d’thuirt thu rud glic le amas,” thill e le dreamadh-sùl orm. “Dàicheil? Puth! Tha’n donas dàicheil, fhad ’s a dh’fhàgas am Fìneach an lodar ’na phoit. Ach dé th’agad air?” lean e, is inntinn a’ toirt sithidh gu riochdan eile. “Cha tig dhuinn òganach Scalpaidh,—Iain Ruairidh,—’s an t-Ogha Mór, fhàgail air mireag an eòlais an Lunnainn. Ged is uasal a h-uile Gaidheal, cha mhór, airson sin, a chollaicheadh Iain Ruairidh, ann am bothan tubhaidh [ 88 ]Laobhrais, ri cùirtear éireachdail an lath ud. Ach cha’n e h-aon air an tainig an dà latha.”

Thug e sin domh cunntas a bha tearc is taitneach mar bu choimhlionta b’aithne dha. Ach ’s fheudar a’ ghuite chur an so ris; is bheir mi na dh’fhóghnas ’n’ur cead.


III

Cia luath ’s a dh’fhàg Fear-Scalpaidh lùchairt an righ, an ath-oidhch’—bha e air freiceadan-faire gu sid—rinn e gun dàil air tigh an Dotair Mhic Uaraig. Oir cha b’urrainn da làmh a thogail ri mac a’ Chrùin, ged nach robh am meachuinn ciadna ’ga ruigheachd a-thaobh a’ Mhoraire Godo.

Ràinig e tigh an dotair a bha fuireach ’san Strand. Thug e fuaim air clag; is goirid ’na dhéigh, bha Mairearad Nic Uaraig ’s e fhein ag ùrachadh eòlas a’ chèile. Bha ise suilbhire gu leòr; ach thar-leis gu’n a mhothaich e an-fhuras air choireigin ’na gluasad.

Nuair a ghabhas farmad beò, thig cruth gu h-obann air amharus. Bha inntinn a’bleith cho luath ri Lupaid a’greadanadh; agus mar a dh’éirich do’n fhear a chaidh a shnàmh ris an ròn, fhuair Iain e fhein na b’fhaide bho chala, na dhùraichd e.

Bha e fo theabadaich dà nì sonruicht: miann sùgraidh air òigh, agus an-earbsa ’na thurus. Bheireadh e, mar sin, an saoghal ’san domhainn airson rùn a cridhe fhaotuinn air bhrath. An robh i aineolach air inntinn a’ Phrionnsa Frederic dha taobh? Is ma bha i a’ toirt a sheòil air mhisneachd, an robh i ’mothachadh [ 89 ]dochann a cliù? Ach gu h-àraid, am b’ann le cead a roghnaich am Prionnsa taghal oirre?

B’iad sid iomairt nan ceist air nach d’fhuair a dheòin breithneachadh. Bha Mairearad fhein ann an dreach ro-àillidh, ’s i ’ga chumail an geasaibh, gun fhios dith, mar éigneach fo bhinn Druidh. Mar is minig a thachair do fhear ann an gaol, fhuaireas Iain aig an àm ud le teanga’ dhoicheallaich. Ma thug ise ’n aire da chàradh—is bha esan a’ creidsinn gu’n tug—cha d’rinn i oidhearp air leisgial ’ga chuideachadh. Is e bhuil a bh’ann, gur mór nach b’fheàrr leis fuireach aige fhein bho thoiseach. Air an làimh eile, roghnaich e, mar chion-fàth a dhleasanais, àite-saoraidh a sheasamh, na’m biodh a bhean-dùthcha ’na eisimeil.

Thug am beachd mu dheireadh a dh’ionnsaidh eagar a ghnothuich e; is chunnaic e nach robh dol-air no dheth aige, ach modh a chùraim a chur an tairgse.

Cha’n’eil thu idir ri fhoghlum gu’m b’e ceanaltas nam balbhan a bha eatorra, fhad ’sa bha beus nan smuaint so a’ dol air deilbh. Air a’ chaochladh, bha Iain ann an cathair ghairdeanaich ri taobh an teallaich; is Mairearad air suidheachan goireasach mu choinneamh, le bian féidh fo casan. Theagamh nach robh seasgair an t-seòmair aca air bharr-suaicheantais ionraic, neo thug an t-Ogha Mór—a rinn iomadach céilidh fhad ann—dealbh-cunntais air. Air na thug e tarruing ’san rathad sin, b’e dà uinneig mhóir, a bha coimhead air teis-meadhoin na sràide. Co-dhiùbh, bha iad air lobht àrd no ìosal, ’s ann aig’ an t-Sealbh a tha brath. Ach a aon nì bha Iain cinnteach; agus b’e sin gu’n robh [ 90 ] Mairearad a’ cumail an tuilleadh aire air an uinneig ud; na bha ti’n fodha gu socrach.

Thuig e mu dheireadh nach gearradh e leum Iain ’ic Eachainn gun fiachainn ris.

“Tha Bhan-righ fad air ais,” thòisich e, mar gu’m biodh sealgair a’ gabhail bealaich air fiadh. Cha robh math dha sgèan a chur oirre. “Chaidh t’athair a ghairm da h-ionnsaidh. ’S fheudar gu bheil i na’s miosa, neo cha d’fhuraich e leatha cho fad.”

“Cha mhath do naigheachd,” fhreagair ise le guth cho trùmhal ri fàsgadh pìob Mhic Cruimein air ghléus. “Cha d’ iochd do’n rìoghachd mar a tha i, ged nach tigeadh an còrr ’na caraibh. Am fac thu ri bruidheann e?”

B’e so a chothrom; is thug a’ mhoit leum air an duilleig aige.

“Cha’n fhaca buileach,” thuirt Iain, ’se car ’ga dùr-amharc. “Ach chuala mi an còrr ’na bheannaichinn mu dhéigh, airson sin.”

“Na cur eagal orm!” bhac i, ’s i ag éiridh ’na seasamh; gluasad a rinn Iain cuideachd.

“Ni h-eadh,” ars’ esan. “Ach tha e mar fhiachaibh orm do chur ’nad fhaireachadh. Oir is e sin a thug an so an dràsda mi.”

“Mur a’ bheil bhuat ach mo chur ’nam fhaireachadh,” chronaich i, “aidicheam gu’n deachaidh do thurus cheana leat.”

Mhothaich Iain, mar mhilleadh biodaig’ air bachoid, nach do chuir e bladh air ìnnseagraich; is ghabh e boil nach do leasaich a shuidheachadh. Ach ma’s e ’s gu’m [ 91 ] faigh an fhìrinn togail, bhual an t-àrdan e cuideachd. Thainig tòcadh mu lùib nan aisnean aige. Is na’n cuireadh e dealbh air aigne ’san dearbh àm, cha b’e ciall nan òigh a gheibheadh a bheannachd.

Gonadh orra seach plàigh! chnuasaich e le cùib. C’arson a chuir nàdar a leithid de charan annta? Dhiùltadh dhomhsa na cleasan, co-dhiùbh, a bheir gu buailidh iad.

“Ceadaich dhomh foighneachd dhiot a’ bheil sùil agad ris an dotair air ais an tràth so?” dh’fharraid e ann an casadh-facail ’na bu bhioraiche na chòrd ri Mairearaid, a bha nise fo iomagain a-thaobh a h-athar.

“Cha bhi sùil agam ris gus an cur e cùl ri ghnothuch; na’s lugha na gheibh mi fios an atharraichidh bhuat-sa.”

’S e dòigh neònach a th’aic air sgial-rùin a ghabhail, smaointich Iain; agus mar an ciadna, nach biodh e ’na shùgradh ti’n an aghaidh a’ chuilg oirre.

“Thainig e ’na m’inntinn,” chùm e roimhe, “gur a dòcha gu’n tug am Prionnsa fios air choireigin mu thimchioll dhut.”

“Am Prionnsa!” dh’aithlis Mairearad, mar le ioghnadh. Ach na’n do thachair do dh’Iain a shùil a bhi oirre-se, an àit’ air a bhrògain, chunnaic e gu’n d’fhàs an dearg na bu truime ’na gruaidh. “Am Prionnsa!” thuirt i rithisd. “Có rinn teachdaire dheth?”

Ah! rùnaich Iain, tha saobh-shruth ’s a’ ghlumaig nach aithne dhomhsa; is ghabh e dragh dheth—cha’n ann air a shon fein, ach i bhi ’cur an géill a tograidh air spiris bho nach tig ach tuisleadh maslach.

Thilg e doicheall air chùl, is chomhairlich e dhith,— [ 92 ] sùil mu’n t-sròin,—am Prionnsa sheachnadh. “Oir,” ars’ esan, ’se teothachadh ri chuspair, “tha cuilbheartan ’na bheachd a bheir aobhar nàire do’n ionad ’sam buannaich iad. Ma chaochlas a’ Bhan-righ, bidh t’athair an cunnart a bheatha.”

Gun chothrom smachd no gearain a thoirt do Mhairearaid, thug e cunntas mean air na chual e le farchluais ann an Luchairt Hamptoin.

“Stad!” chaisg i an ealamhachd. “Na di-chuimhnich mionnan do sheirbheis mar shaighdear. Tha tuaileas a’ cur ort, neo cha bhristeadh do ghuth an aghaidh do Phrionnsa.”

“Prionnsa! Puth!” Mhag e gu dàna. “Prionnsa nan leomann, hiri um bì! Ach,” is e ’dreamadh aodainn “tha mo Phrionnsa-sa far nach iarr cogais caisleachadh, mu’n d’thuirt an t-Ogha Mór, mo charaid. Oir cha’n ann idir clì a bha e, nuair a thuirt e, nach b’aobhar-uaill do shaighdear—seasamh claidheimh ann am muinntearas Prionnsa, nach fheàrr a dhol-a-mach, na umbaidh na h-anameasarrachd.”

Thug Iain an aire gu’n robh Mairearad fo léireadh trom; ach is beag a shaoil e gu’n robh cuspair a h-iomagain an àit’-éisdeachd da ghuth. Oir có, ma dh’ìnnsear e, a bha ann an cuba-chùil a’ farchluais, ach am Prionnsa Frederic, fhein, leis a’ Mhoraire Godo ’na chois.

Cha’n ann nuair a bhios ùidh air mheigh bu chòir naigheachd fhiaradh. Ach a-chionn ’s gu’ bheil beus-chliù bana-Ghaidhil an doillearachd, cha cheil mi na ghabhadh a leisgial.

[ 93 ]

IV

Aréir sgrìobhadh an Ogha-Mhóir bha fòtas innte. Ach cha chreideadh Iain Pìobaire sin bhuaidhe. “Oir,” ars’ esan rium, “ged a tha miar-dhìtidh aig oirre fad an t-siubhail, cha robh i cho coma ’s a chur e am fiachaibh dhith—gu h-àraid air an oidhch’ ud. A-rithisd, bha i tuilleadh is òg airson buidseachd nam ban a thoirt an toirmeasg. Is e an rud a bh’ann. Cha d’ràinig am Prionnsa nuair a gheall e; ach an ath-oidhch. Chumadh a h-athair aig leabaidh-eothair na Ban-righ. Mar a bhios an dàn a’ deilbh fhuair am Prionnsa Mairearad leatha fhein. Ma bha, no nach robh i diombach dhe ghluasad—tha barail neònach aig an Ogha air a’ phuing sin—thainig Iain Ruairidh air chéilidh goirid an déigh daibh suidhe ri seanachas. Rud eile. Ràinig an spagallan moraire sin, Godo, còmhla ris a’ Phrionnsa. Ach ged a ghabh iad àite-suidhe mu-seach, cha b’ fhada gus na dh’iarr Godo peann is dubhaich. Fhuair e, co-dhiùbh, leisgial air dol gu ruige seòmar thar-leith. Is bha e ann an sin a’ teagnadh le éud is farmad, nuair a chur taghal Iain Ruairidh an cùiltearachd bun os cionn. Nise, laochain!” lean m’fhear-sgeòil, a’ toirt sgailc air a leis, “is i so blonaig na mearachd aig an Ogha thaobh beusan Nic Uaraig. Tha thu faicinn? Cha robh am Prionns’ ann an sid ach air foill. Cho luath ’s a chunnaic e gu’n robhas a’ leigeil neach eile stigh, dh’iathlaidh e,—air eagal a bhrath—a dh’ionnsaidh an t-seòmair sin anns an robh Godo, ma’s-fhior, a’ sgrìobhadh. Ghabh Mairearad tàmailt nach robh beag; oir chrùb e air falbh gun fiù ’s a cead iarradh, no [ 94 ] smid leisgeil. C’arson, air a’ mhodh sin, nach cuireadh i càin air comaine, le neo-fhearalas a cùirteir a thoirt le bagairt da fhianuis? B’e sin a bha ’na h-inntinn nuair a leig Iain Ruairidh ruith da theangaidh.”

Biodh sid ceart no nach bitheadh, tha iad air slighe na fìrinn a bheireadh teagamh a iomrall; is cha’n iomain sinn fiosrachadh bho thaibhs air uideil. Ach a dh’aindeoin gach barail, ma thuirt an t-Ogha Mór gu’n robh fòtas ann am Mairearad Nic Uaraig, is fheudar nach b’ann gun dìth-aobhair a bha e.

Dh’éisd i co-dhiùbh ri casaid Iain Ruairidh gun mi-rùn a thoirt an guidhe; ach mu’n d’fhuair i amas-freagairt, thainig am Prionnsa làthair, is am Moraire Godo còmhla ris.

Tha e mar fhiachaibh air agairt mo sgeòil g’am fàgainn an dreach a fhuair mi oirre. Dh’ ainmich Iain Pìobaire gu’n robh Fear-Scalpaidh air aghart na h-òige ’san àm. Is mar a chuireadh e fhein cuimir air seanachas, chomharraich e gu cùramach, nach robh ann an seirbheis a’ Chrùin, do’m b’fheàrr a thigeadh cùlaidh-chùirteir na Iain Ruairidh. Ach leig e an cur-a-mach sin seachad air dha ti’n air ais do’n Eilean a dh’àraich e.

Ge b’e dé bha ’nam beachd, cha do chuir iad fiamh no athadh air Iain. Thug e sùil air fear mu seach dhiubh—is cha robh i caoimhneil. Bha collas gruaim’ air a’ Phrionnsa; is cha robh gnùig a’ Mhoraire cur furain an céill.

Dh’fhaoidte nach do leasaich e cùis na h-airsid, Iain fàilt an t-saighdeir a chleith air a cheannard; nì nach [ 95 ] deachaidh as air an dithisd aca, no eadhon air Mairearaid. Ach bha esan cearta-coma. Cha bu mho air i an uair ud, n’an té a thogadh ’san Tuirc. Thainig cuideigin eile stigh air; oir lèum a bheò air iteig a dh’ionnsaidh Coire Chatachain, far an robh ainnir, air shuairceas, aig bleodhan chrodh-laoigh; is conaltradh na h-ealtainn ’ga tàladh. Eilidh!—Cha’n’eil innte ach am pàisde—

Cha b’fhada bha rùn ann am fonn a sheòdail nuair a thug am Moraire Godo tilleadh air.

“An e cleachdadh do dhùthcha,” ars’ esan ’se toirt ceum na b’fhaisg air, “fàth a ghabhail air ban-uasail, agus ainm do Phrionnsa chur ann an neo-bhéus air mhodh dith?”

“An e cleachdadh Prionnsa ’s a ghille-pliobair, a bhi deanamh falach toll-iuchrach ann an seòmar ban-uasail, nuair a gheibh iad fàth air a h-athair bho taobh?” fhreagar Iain mar nach biodh aig orra ach dà gharrach.

Bha coltas calla nis air; is thug am Prionnsa ’n aire dha. Ach dé rinn Godo, ann an doillead a chorruich, ach a chlaidheamh a tharruing—gluasad a rinn Iain ’na b’ealamha. Is mur do leum Mairearad ann an cabhaig eatorra, bha iad ann am mullach nam meall.

B’ann air Iain a bha sùil; ach na’n do dh’amhairc i air a-leith cho blàth aig toiseach an còmhail, cha robh fearg a-nise ’ga dhalladh.

Chunnaic am Prionnsa, ma bha dortadh fola ri sheachnadh, gu’n robh an eadraigin aige ri dheanamh; is chur e cogar an cluas a’ Mhoraire, a thug air-san seasamh air ais. Goirid an déigh sin, dh’fhàg iad an seòmar le chéile. Ach ged a fhuair Iain e fhein a-rithisd [ 96 ] le Mairearaid ’na h-aonar, ghabh e mach as a tigh gun a bhial fhosgladh.

“Rinn thu ceàrr mo làmh a bhacadh,” thuirt Godo air dhaibh ionad uaignis a ruigheachd. “Tha cunnart anns an eòlas a th’aig a’ bhurraidh ud airson a bhi siubhal nan sràid leis. Dé ma chluinneas Ualpol e?”

“Eh!” smachdaich am Prionnsa. “Nach annasach lium ceann cho glic riut a bhi cho gogaideach. Cha mho air an fhear ud seadhannan Parlumaid na tha de pholl ri d’ bhrògan. Leig leis! Mu’n ruith ceithir uaire fichead, bithidh e air rathad an aithghearra dh’ ionnsaidh fearann brucach a’ dhùthcha, far nach cluinnear an còrr mu dhéighinn. Ach ma tha ciste-laidhe ri dheanamh, cur ann an earbsa Dhunoidheis e.”

******

An ceann tacain, thainig Godo far an robh Dunoidheas a’ feitheamh aig taobh-àrd an t-Straind.

“Chaill mi fàireadh air,” fhreagair Dunoidheas ri feòrach an fhir-eile, “is e dol a-stigh do bhùtha Mhic Fhraing.”

“Cha’n urrainn e móran a dheanamh an sin,” thuirt Godo.

“Cha mhionnaichinn as a’ sin,” leasaich Dunoidheas. “Cuimhnich gu’m faod e ti’n tarsuinn air an Domhnullach a Parais, teachdaire nan Stiùbhartach; air tha h-uile collas air gu’n coinnich iad. Ach stad ort! Na ghabh thu an t-amharus riamh gu’ bheil fios aig Ualpol gu’ bheil an Domhnullach an Lunnain, agus—a’ chuid a’s miosa—dé is ceann-uidhe da?”

[ 97 ]“Air ar ceannach?”

“Air ’ur reic!”

“Cha do dh’aithnich thu air an Domhnullach gu’n cual e nì ’sam bith mu’n Phrionnsa Frederic, a-thaobh a’ ghnothuich so?”

“Cha do dh’aithnich nithinn. Bha sinn mar gu’m biodh dà cheannaiche. Cha robh guth no gabadh againn, ach air duais is airgiod.”

“Coimhead air so,” arsa Godo fo anail. “Is e Iain Tolmach an aon fhear aig a’ bheil fios air dé an cùnradh tha eadar am Prionnsa Frederic ’s na Stiubhartaich, a-chum a chòir ’san rìoghachd iomlaid. Cha’n fheum sin a dhol na’s fhaide. Gheibh thu leisgial air frithealadh freagarrach a thoirt ’na charaibh. Tha’m Prionnsa airson a chasan a leigeil leis. Ach ma gheibh e as, ’s e mise ’s tusa a chreanaicheas air. Cha’n’eil na’s fheàrr na brod airson diomhaireachd a chleith.”

“Bheir sinn giorra na slighe do Hampton da,” fhreagair Dunoidheas, ’se tionndadh air falbh; is bha manadh dò-bheairt ’na ghuth.


V

Chuir Iain a’ chuid eile dhe’n oidhche seachad ann an seòmar os-cionn bùtha-ghunnachan Mhic Fhraing. Bha iad ann ceathrair: Mac Fhraing fhein le ceann liath, is sùile biorach fo mhùgan mollach; Aonghas Domhnullach, toscaire nan Stiùbhartach a Parais, le peirceal lom; is aghaidh fhlathail far nach fhaicte claisean na seòltachd a’ falach; lasgaire de dh’Eirionnach, nach robh buileach cho seòlta, ach do’m b’aithne cnò a [ 98 ] bhristeadh fo chùlaig; agus Iain Tolmach, no Iain Ruairidh, le cridhe cho fosgarra ri nead curracaig.

Mun do dhealaich Iain ri chompanas, bha’n aigne aige air a h-aomadh ri seirbheis nan Stiùbhartach. Dh’fhàg e an fhàrdach, airson sin, na bu tràithe na rinn càch. Bha ’na rùn an t-Ogha Mór fhaicinn gun dàil. Oir bhòidich e ris fhein, nach d’rachadh grian gu doimhne rithisd, gus an togadh e sàil ri baile na mollachd. Ach cha’n ann mar a laitheas an calg, a dh’fheannair an t-sitheann.

Goirid an déigh dha tigh Mhic Fhraing fhàgail, rinn boirionnach easgaidh, le cleòca mu ceann, suas ris. Choisich i mu chiad slat ri thaobh, mu’n tug e an aire dhith. Ach cia luath ’s a thug e sùil oirre, shìn i pasgan láimhe da, is dh’fhiar i air falbh bho’n rathad.

Bha ioghnadh a’ ti’n air ’na leithid de fhrasan, ’s nach do smaointich e sealltainn air an rud a fhuair e gus an robh e astar air falbh. Rinn e nuair sin air solus a bh’aig oisein sràide, is dh’fhosgail e am pasgan. Cha robh ann ach badan fraoich, is duille sgein-duibhe.

“Cha’n ulaidh no cuimhneachan a tha so,” thuirt e ris fhein, is b’fhior dha sin. Oir tharruing e crioman pàipeir as àite na stàilinn ’san duille, is léugh e ann an Gàidhlig, na facail: ‘Far an gile solus ’s ann is momha ’n dubhar. Cum do shùil thar do ghualainn.’

Thug e feairt air an rabhadh, ged nach robh fiughar air bhrath aige, ciamar a thigeadh a chron. Ach chur e co-dhiùbh ceum air ghluasad, is a shùil air bheachd. Ràinig e glé fhaisg air an tigh anns an robh an t-Ogha Mór a’ fuireach ri taobh Drochaid Lunnain, gun nì a [ 99 ] bheireadh oilbheum dha, tachairt ris. Is ann a thainig amharus ’na inntinn gu’n d’rinn an té a thug am fraoch dha, cùis-bhùrta dheth. Ach mu’n d’fhuair e fonn air a thogradh, bhoisg lainnir chlaidheamh an cùil, is leum triùir da ionnsaidh còmhla. Na’m b’e feachdaire gun oilein a bha’n Iain, thainig na gheall Dunoidheas da thaobh, gu crìch obainn. Ach chunnaic Iain a chunnart, is fhuair e chùl ri balla mu’n a sheall na milltearan bhuatha.

Bu mhath dhà-san gur h-e an t-Ogha Mór a theagaisg cleas a’ chuinnseir dha, neo chuireadh as da leis a’ chiad dubadh.

Dh’fhàs a shùil cho biorach ri sùlair’ os-cionn cal’ fhaolag; thainig spionnadh gun sgìos ’na fhéithean; dh’fhuaraich an eanachainn aige le cuimse na strìth, ach thug ìochd an dioghaltais tòic ’na chridhe. Bha bàs gun mheachainn a’ feitheamh an fhir a chailleadh a lùghs.

Cha robh duine ri fhaicinn air fàireadh, no idir fagus daibh; neo tharruing gliong nan claidheamh a’ làthair iad. Tha chollas, co-dhiùbh, nach b’e fùidsearan gun sgil a thug làmh air. Oir ged a chaidh aig air an cumail dheth fhathasd, bha iad a’ seachnadh ruigheachd a chlaidheimh. Bha ’nam beachd a chlaoidh a chum a bhi cinnteach as an obair. Thuig Iain so cuideachd; ach cha robh seòl air a leasachadh. Na’n tigeadh iad faisg gu leòr air, gheibheadh e chothrom orra. Ach cha b’urrainn e chùl a thoirt bho’n bhalla, gun e fhein a thilgeil ’nan làmhan.

Chaidh còrr is leith-uair seachad gun bhuannachd ri [ 100 ] fhaicinn aig taobh seach taobh. Ach ged a bha Iain cho fulannach ri sgarbh fo fhlinne, chunnaic e nach seasadh a chur thuige ’san dòigh ud. Bu mhath buille-teanachdais bho’n Ogha Mhór an ceartair. Thainig an smuaint so mar ghuidhe ’na rùn; oir, fhad ’sa bha aire ’ga turaman, dh’fhuilich fear de luchd-tòireachd air a ghairdean. Cha robh an dochann mór; ach ged nach robh fhein, ghabh iadsan foras gu’m biodh e an gradaig ri làr aca. Theagamh gu’n deach an dùil mar a’ miann, na’n d’fhàgadh an dearbhadh air a’ mànran-san.

Thuirt am facal againn fhin, nach dlùithe tha clach do’n làr na tha cobhair Choibhidh. Oir is iongantach mar a thig fear an t-saoghail fhada as gach càs; agus na’s iongantaiche mar a shiùbhlas an dàn gu rath. Có, seach daoin’ an t-saoghail, a thachair a bhi tilleadh da dhachaidh ’san àm, ach an t-Ogha Mór? Bha e ann an caidreamh na searraig còmhla ri brachadair a mhuinntir Ghlinn-dail, is fear-eile a Gleann Urchaidh, leis am bu cheaird, a bhi cur suas mhuilnean-gaoithe, Mar a bhios am fear do’n d’rug an cat an cuilean, chum mire na cuaiche gu anamoch iad; is bha feum aig Iain Ruairidh air a’ sin. Ach chreanaich feadhainn eile air a thàilleabh. Oir thainig an t-Ogha Mór air an tuasaid, is e anns an togradh bheothanna sin a bheireadh aghaidh air deamhnan.

Cha tug e an aire có bha aige an toiseach. Chunnaic e triùir a’ toirt ana-cothruim do dhuine leis fhein; is bha sin gu leòr dha. Leum e gun dàil ’nam measg, is lann air ghléus ’na ghlaic.

“A chlann Ifrinn!” mhionnaich e le gloc. “ [ 101 ] Thoiribh cothrom-na-Féinne do’n diùlnach.” Ach nuair a mhothaich e có ris a bha eadraigin, bu chollaiche ri duin’ air a’ chuthach e.

Tha fios aig daoine gu’n robh an t-Ogha Mór fearadhanna nuair a thigeadh togail fodha. Is cha b’ann air an turus ud a rinn e dìmeas air deachd a thapaidh an caonnaig. Oir cha bu luaithe bha fheachd am feobhas, na thug sgathadairean a’ chroin an seang ri astar—gu h-àraid Dunoidheas. Fhuair esan teicheadh; ged nach do shoirbhich cho sona le chùiltearan. Ma thug iadsan na buinn as, rinn an t-Ogha, is Iain Ruairidh dian as an déighinn. Cha’n fhacas an t-sealg sin riamh ri bruthach, a bha na bu teotha n’an fhaoghaid ud.

“A mhic an Fhir-mhóir!” mhionnaich an t-Ogha, ’s e ’toirt siapaidh air fear diubh. “Tionndaidh t’aghaidh mhosaich an rathad so. Oir cha toigh lium brodadh na muic’ a dheanamh ort.”

Thuig am fògrach nach b’fheàrr an càradh na eatorras nan cailleacha-dubha; is nach robh ach an t-seòltachd a bheireadh dheth iad. Bha chlaidheamh air bheairt aige, is thug e gnè de spìd as, mar gu’m biodh e airson fhear-tòireachd a chur as fhaireachadh. Agus chaidh sin leis. Oir smaointich an t-Ogha gu robhas ’ga fhàgail, is chuir e greasad gun faicill air astar. Ann am beagan shìnteag, bha e aig sàil na bha roimhe. Ach sid am fògrach air a bhial-fodha, ’sa chlaidheamh ’na stob thar a ghualainn. B’ann na thràth a chunnaic an t-Ogha Mór a chunnart, is leum e beò as an adhar seachad air.

Cha’n’eil ri aithris ach gu’n d’fhàg e fear a chonais [ 102 ] ’na shìneadh; is e gun chomas olc an t-saoghail so a mhiadachadh.

Air an tilleadh air ais, bha Iain Ruairidh a’ talach nach d’fhuair e cothrom air Dunoidheas a chur anns an aona phasgan ri càch.

“Tha thu canail rium,” fhreagair an t-Ogha Mór an coinneamh an t-seanachais a bha eatorra, “gu’ bheil thu fàgail an Arm-dheirg; ach a-nise—bho’n a dh’earb thu an urrad-sa—dé ni thu gun Mairearad Nic Uaraig?”

“An rud a rinn an Gall gun airgiod—deanamh as a h-aonais,” dh’aidich Iain air a shocair. “Cha’n’eil i air mo shon, no idir mis’ air a soin-se. Bha mi air mo dhalladh nuair a thaobh mi rithe.”

“Bha, laochain,” leasaich an t-Ogha mar gu’m biodh e buidheach dhe na chual e. “Cha’n e fuaidreag na liudha bheir bradan a àllt. Cha b’i thigeadh air a’ chliabh-mhòine. Mnathan a’ bhaile-mhóir, cha’n’eil de dh’fhuil annta na chuireas clann mu theine dhut. Nach i do mhàthair a ni an toileachadh ri do ruigheachd? A-màireach aig deich uairean, cuiridh sinn ar n-aghaidh air rathad an Eilein. Beannachd leat!”

“Mar sin leibh-sa,” fhreagair Iain. “Aig deich uairean.”

Chunnaic an là-na-mhàireach an turus air thoiseach orra; is, mìos an déigh sin, bha fàilte nan càirdean ann an Eilean a’ Cheò, a’ cur gach doilgheis gu buileach a cuimhne.

Chaochail a’ Bhan-righ; ach cha do dh’éirich gu h-olc do’n Dotair Mac Uaraig. Chunnaic e buaireas [ 103 ] nan Gaidheal a’ tighinn; is thug e mar earras do Mhairearaid,—air a leaba-bhàis—i cunnartan a’ ghluasaid a chur air mhanadh, far an ruigeadh a treòir ’sa buadhan air.

Cha do mheall i an earbsa. Oir mu sheachd bliadhna an déigh na nithibh sin tachairt, bha i fhathasd gun phòsadh; is i a’ deanamh teachdaireachd dhiomhair a-measg nam fineachan Gaidhealach. Bheìr bristeadh na sgeòil tha romhainn aithris mar a thog i ceann.

  1. cion-aire
  2. slabber
  3. tarruing as